Marcas Mac an Tuairneir
Aonghas MacNeacail
oideachadh ceart

nuair a bha mi og cha b'eachdraidh ach cuimhne
nuair a thàinig am bàillidh, air each air na mnathan a' tilleadh a nuas às na buailtean len eallaichean frainich 's a gheàrr e na ròpan on guailnean a' sgaoileadh nan eallach gu làr, a' dìteadh nam mnà, gun tug iad gun chead an luibhe dhan iarradh e sgrios, ach gum biodh na mnathan ga ghearradh 's ga ghiùlan gu dachaigh, connlach stàile, gu tàmh nam bo (is gun deachdadh e mal às)
cha b' eachdraidh ach cuimhne long nan daoine seòladh a-mach tro cheathach sgeòil mu èiginn morair mu chruaidh-chas morair mun cùram dhan tuathan, mu shaidhbhreas a' feitheamh ceann thall na slighe,
long nan daoine seòladh a-mach sgioba de chnuimheagan acrach paisgte na clàir, cha b' eachdraidh ach fathann
cha b' eachdraidh ach cuimhne là na dile, chaidh loids a' chaiptein a sguabadh dhan tràigh nuair a phòs sruthan ra is chonain gun tochar a ghabhail ach dàidh an sgalag a dh'fhan 'dileas dha mhaighstir' agus cuirp nan linn às a' chladh
cha b' eachdraidh ach cuimhne an latha bhaist ciorstaidh am bàillidh le mun à poit a thug i bhon chùlaist dhan choinneamh am bràighe nan croit gun bhraon a dhòrtadh
cha b' eachdraidh ach cuimhne an latha sheas gaisgich a' bhaile bruach abhainn a' ghlinne an aghaidh feachd ghruamach an t-siorraidh a thàinig air mhàrsail, 's a thill gun òrdag a bhogadh le sanasan fuadach nan dùirn
cha b' eachdraidh ach gràmar rob donn uilleam ros donnchadh bàn mac a' mhaighstir
cha b'eachdraidh ach cuimhne màiri mhòr, màiri mhòr a dìtidhean ceòlar, cha b' eachdraidh ach cuimhne na h-òrain a sheinn i dha muinntir an cruaidh-chàs dha muinntir an dùbhlan
agus, nuair a bha mi òg ged a bha chuimhne fhathast fo thughadh snigheach, bha sglèat nan dearbhadh fo fhasgadh sglèat agus a-muigh bha gaoth a' glaodhaich eachdraidh nam chuimhne eachdraidh nam chuimhne
Air a thoirt bho An Aghaidh na Sìorraidheachd Polygon, 1991