top of page
Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Crìsdean MacIlleBhàin

Updated: Jun 30, 2020

Beul an Latha

Tha a 'ghrian ag èirigh air Glaschu, thusa nad chadal, mise aig an uinneig

a' faicinn fraoidhneis lainnirich gu chur

air meur fhada dhuibh tùr Ghilmorehill, an leus a' bualadh gu faramach air cladaichean a' bhaile, is na sglèatan a' dol nan cathadh-mara drillseanach air stuaghan glasa mullaichean nan taigh, Chan fhaic mi e, ach tha mi faireachdainn

dùsgadh nach grad an t-srathain sgàthaich shìos, an t-uisge truaillt', an tobar millt tioram, taitneach nan liana casa far am bi


pàistean à Pacastan gu caithremach

ri cluich mu fheasgar, is am màthraichean a' cruinneachadh nan èideadh ioma-dhatht'. Tha phàirc fàsail a-nis, is mise cluinntinn rùchdail a' cheud bhus san fharsaingeachd a' traoghadh anns an t-sàmhchair dhòchasaich.


Tha 'n seòmar teth: air mì-riaghailt na leapa thusa nad shìneadh, lomnochd, coltach ri snàmhaiche a' strì ri sùmainnean na h-oidhche, do ghnùis sàthte sa chluasaig, gun ghluasad, ach t' anail chiùin a' taiseadh gilead an anairt. Ghluaidh thu, do làmh gam shireadh, is do chlùn, is mhothaich mi fìnealtachd caol do dhùin, is mìn-chlòimh ruadh do ghàirdeanan a' dealrachadh an leus

na h-òg-mhaidne. Èiribh, a ghinealan neo-chiontach! Cuiribh air cùl peacannan bhur n-athraichean is cìosnachadh ar dùthcha!


Brisibh bannan bhur cuinge, gur saoradh fhèin bh ghrabhadh bochdainn, cràbhachd, sloinntearachd! Tha 'n saoghal ga liubhairt dhaibh às ùr an diugh.

Lìonaibh sràidean a' bhaile ler dannsaireachd.

Cumaibh fèill na daonndachd, is bithidh mi an glacaibh mo ghaoil a' gluasad nur measg.



Air a thoirt bho An Aghaidh na Sìorraidheachd Polygon, 1991

6 views0 comments

Recent Posts

See All

Comments


bottom of page