top of page
  • Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Crìsdean MacIlleBhàin

Balbh


Bha an sabhal làn de dh'ùbhlan. Dhùin iad an taigh ceithir blaidhna air air an dùil a bhith ga reic, ach cha robh aon duine ga iarraidh. Chaochail am màthair an-seo, ars' esan, is mar sin ghabh iad gràin air an àite. Bha am feur air buannachd cha mhòir an lios gu lèir ach chitheadh tu ceart-cheàrnagan fodha far am bitheadh flùraichean mu shamhradh. Bha sinn ag iarraidh don lianaig air chùl ain taighe, ach bha geug a thuit on leamhan a b' àirde tarsainn na slighe romahinn, is teine-ghealan on lobhadh oirre. Bha na h-ùbhlan a' lobhadh anns an t-sabhal cuideachd, am breuntas fhathast na mo chuinneanan, mar ri dùrdan beag o bheach, math dh'fhaodte, a bha faondrach an aimsir cheàrr 's am bàs faisg air.



Air a thoirt bho An Aghaidh na Sìorraidheachd Polygon, 1991

14 views0 comments

Recent Posts

See All

Comments


bottom of page