Flùrannan
Imbali yimbali ngokuqhakata icimexile yimbali ngokushiwo
- dàn le Otty Mandhlayiso (Sulu)
(Chan e flùr flùr mur eil e fosgailte; dùinte, chan eil ann ach ainm flùir) - dàn le Otyy Mandhlayiso (Sùlu)
* sìol-mhèinnichean, a' mallspreadhadh dath-bhomaichean seirceil
* lì-fhuarain reòthte, a' leaghadh gach madainn
* muileanan-gaoithe deàrrsach a' sìor-shughadh neachtair
* òr-chuachan driogach a' sìor-shnigheadh meala
* coinfèataidh air ginideachadh 's air tighinn fo bhlàth
* guc-gàireachdainn na talmhainn ri fealla-dhà
* sròl-bhrataichean nan Nàisean Aonaichte air crainn uaine
* heli-puirt nam meanbh-fhrìde le ràdar ultra-violait
* factoraidhean foto-cho-chur a' beò-ghlacadh na gréine
* ciùineachagan radharcach
* solais trafaig na h-aigne
* obairlainn cùbhraidheachd
* crainn-sgaoilidh dhath-theilifis
* sprùileach air tuiteam o bheul a' bhogha-froise
* coinnlean is tàisearan is uinneagan de ghlainne dhathte
* cleasan-teine fàs-bheairteach
* port-a-beul bith-cheimiceach
* bilean boireanta a' sèimhphògadh ar sùilean
Air a thoirt bho An Aghaidh na Sìorraidheachd Polygon, 1991
Comments