top of page
Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Bun-fhiosrachadh

Cha do rinn Achd an Fhoghlaim 1872, a thug a-steach teagasg do na h-uile ann an Alba, iomradh air a' Ghàidhlig fhèin, gun a bhith a' tighinn air a' bheachd gun gabhadh a bhith a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig. Ged-thà, gheibhte a' Ghàidhlig mar chuspair ann an cuid de na sgoiltean ura, agus ann an 1905 thugadh Àrd Teisteanas anns a' Ghàidhlig a-steach aig an Ìre Ìseil agus nochd Pàipear Gàidhlig aig an Ard Ire ann an 1916. Ghabhadh ris a' Ghàidhlig mar phàirt den churaicealam oifigeil ann an sgoiltean Albannach mar thoradh air a' chlàs a bhuineadh don Ghàidhlig ann an Achd an Fhoghlaim 1918, ach bho nach robh e na dhleastanas ach do dh'ùghdarrasan foghlaim ann an 'Gaelic speaking areas' gabhail ris a' Ghàidhlig mar seo - agus 's e cuspair a-mhàin a bha anns a' Ghàidhlig - cha robh an leudachadh seo ach meanbh.

Fiù 's ann an àitichean anns an robh a' Ghàidhlig làidir, cha robhar ga cleachdadh na meadhan-teagaisg, an sin agus fada na dhèidh, ach gu ìre bhig. Mar a bu trice bha fiù 's cànan is litreachas na Gàidhlig air an teagasg ann am Beurla. Thug an suidheachadh seo air iomadh linn de Ghàidheil a chreidsinn gu robh ceangal do-sheachnach eadar foghlam agus Beurla - beachd a tha fhathast doirbh cur às dha.


B' e Sgeama Foghlaim Ghàidhlig ann an Siorrachd Inbhir Nis a' chiad ionnsaigh ordail air a' Ghàidhlig a thoirt a-steach do na sgoiltean na cànan-teagaisg; agus chuireadh air bhonn e anns an Eilean Sgitheanach, ann am Barraigh is Uibhist agus anns Na Hearadh ann an 1960. B' e am prìomh amas aig an sgeama seo 'to provide for the Gaelic-speaking pupil a fuller and more appropriate education by making as much use as is reasonable of his mother tongue' (MacLeod, 1966, td 326). Ach, beag is gun robh an ionnsaigh seo air seann chleachdaidhean is na beachdan a dh'èirich asta atharrachadh, bha cuid na h-aghaidh: thuirt Murchadh MacLeòid, Neach-cleachdadh na Gàidhlig na meadhan-teagaisg 'proving difficult to effect'.


Co-dhiù, lean Comhairle Shiorrachd Inbhir Nis orra leis an sgeama, a bha an obair-sgoile na chois stèidhichte air cuspairean a bhuineadh do is iad ag amas air an raon ur anns a' churaicealam: Eolas Arainneachd, dh'iomadh raon agus a leasaicheadh mar thoradh air Primary Memorandum ùr is so-lubach, agus thug i brosnachadh do sgoiltean is do na coimhearsnachdan anns an robh iad tighinn còmhla. Nuair a dh'fhàg an Leòdach Comhairle Shiorrachd Inbhir Nis ann an 1968 bha an suidheachadh mòran na bu mhisneachaile na bha e còig bliadhna roimhe sin.

Bha Sgeama Shiorrachd Inbhir Nis na cheum cudromach gu GME thoirt gu buil ach, a chionn 's gur e sgeama saor-thoileach a bha ann, cha tàinig brìgh às ach anns na sgoiltean a bha luchd-teagaisg dealasach annta. Bha roinn den dealas a bha anns an sgeama air sioladh às mus tàinig an ath cheum ann an 1975.

Nuair a thàinig Comhairle nan Eilean gu bith anns a' bhliadhna sin, b''e fear de na rudan a bu luaithe a rinn i Pròiseact an Foghlaim Dhà-chànanaich a chur air bhonn, a bha e anns an rùn aca a chruthachadh 'situations and activities which stimulate children to use Gaelic as a natural language for the exploration and description of experience' (Murray and Morrison, 1984, td 5). Thòisich am pròiseact le 20 sgoil, leudaich e gu 34 tri bliadhna an dèidh sin; agus ann an 1981 dh'ath-chruthaicheadh e na Aonad Leudachadh a' Churaicealaim Dhà-chànanaich, agus gach tè de na 54 bun-sgoil anns na h-eileanan air a churam. Ann an 1983 thugadh an sgeama a-steach, mar dheuchainn, do roinn nan àrd-sgoiltean nuair a thòisich dà àrd-sgoil, ann an Lìonail is Siabost ann an Leòdhas, air Eachdraidh is Cruinn-eòlas a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig do goilearan a bha air ionnsachadh fhaighinn fon sgeama dhà-chànanach.

Is math a b'airidh am Pròiseact Dà-chànanach air a' mholadh a fhuair e aig iomadh dùthaich mar thoradh air cho math is a chruthaich e curaicealam do dh'Eòlas Árainneachd a bha a' chlann nam fòcas ann agus a bha deagh ghrèim aige air dòigh-beatha muinntir Innse-Gall. Ged-thà, cha robh e a toirt buaidh cho cunbhalach a-mach a thaobh amais mhòir eile: a' Ghàidhlig a thoirt a-steach, mean air mhean, na cànan-teagaisg co-ionnan ri Beurla. Tha e soilleir a-nis gu robh raon farsaing de mhodhan-teagaisg air an eur an sàs, is iad uile nam bilingual education', eadar a bhith a' cleachdadh an dá chànain ann an dòighean piobrachail agus ionnsachadh nach robh ach gle bheag de dhà-chananas na luib.

Le sùil air ais, feumar aideachadh gur dòcha nach robh e reusanta dùil a bhith ann gum biodh buaidh aig da-chànanas air teagasg tro mheadhan na Beurla, siostam a bha air a bhith ann fad iomadh ginealaich: cha do rinneadh iomradh air dè an ùine a bu chóir a bhith aig gach canan anns an sgoil; bha cus an crochadh air brosnachadh is eisimpleirean. Tha na thachair ann an àitichean eile air cur an cèill gum bithear an comhnaidh a' taobhadh mean air mhean ris a' chànan a tha aig a' mhòr chuid nuair a tha an cànan sin mòran nas treasa nan teile (anns na h-eileanan fhuair na tidsearan fhèin ionnsachadh is tréanadh ann am Beurla agus bha goireasan moran na b' fheàrr aca anns a' chànan sin).

Biodh sin mar a dh'fhaodadh e, bha atharrachadh a' tighinn air co-theacsa an t-sluaigh anns an robh am Próiseact ag obair. Bha e na run don Phròiseact foghlam dà-chànanach a thoirt do chloinn a bha an dà chanan aca, ach bha mòran a bharrachd de chloinn aig nach robh a' Ghàidhlig a' tighinn do na sgoiltean agus cha robh mar a bha am Próiseact ag obair cho freagarrach don t-suidheachadh seo, Chan e a-mhàin nach robh a' chlann seo a' togail na Gàidhlig ach gu tric chluinnte parantan na cloinne aig an robh a' Ghàidhlig bho thùs a' gearan gu robh an cuid chloinne air a' Ghaidhlig aca a chall nuair a chaidh iad don sgoil; bha iad ann an seagh a' cur coire air an sgoil. Cha robh am beachd seo uile gu léir cothromach oir bha buaidh aig telebhisean, ceòl pop agus beachdan an co-aoisean air mar a bhiodh páistean a' cur romhpa Beurla a bhruidhinn seach a' Ghàidhlig. Ach feumar cron fhaighinn do na sgoiltean cuideachd oir cha tug dà-chànanas dùbhlan èifeachdach do na buaidhean eile seo. Tha na h-àireamhan anns a' Chunntas Nàiseanta a' toirt taic don bheachd seo: anns a' chearn anns an robh Proiseact Dà-chànanach nan Eilean an lar ag obrachadh, thàinig tuiteam air an aireamh de chloinn aois 5-15 aig an robh a' Ghàidhlig bho 3,978 (70% den bhuidhinn-aoise sin) ann an 1981 gu 2,302 (no 51%) deich bliadhna an dèidh sin. 'S e tuiteam eagalach de 42% a bha seo.

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ro Aois-sgoile

Tràth anns na h-ochdadan bha e a' fàs soilleir don chuid a bu mhotha de luchd-beachdachaidh gu robh crionadh na Gàidhlig air an cànan fhàgail ann an staid chugallaich air feadh na h-Alba, agus gu robh a' chùis na bu mhiosa buileach anns na h-Eileanan an lar, a bha roimhe mar chridhe na Gàidhealtachd. Cuideachd, bha e a' fàs soilleir do mhòran gu robh foghlam na phàirt den adhbhar airson seo, agus, mar sin, gum faodte foghlam, is eile, a chleachdadh mar pháirt den fhuasgladh. Ged a bha feadhainn a' fas eu-dòchasach, is iad den bheachd nach robh dol-às ann don chànan, bha feadhainn eile ann nach gabhadh idir ri seo. 'S i a' Chuimrigh a thug dhaibh misneachd.

Bha foghlam tro mheadhan na Cuimris air a bhith ann mu dha fhichead bliadhna nuair a thòisich na h-ochdadan; bha e follaiseach gu robh e a' gineadh ghinealach de luchd-bruidhinn na Cuimris, chan ann a-mhàin a' cu stad air crionadh a' chànain ach ga toirt air ais do dh'àitichean anns an robh ann an ceann a tuath na Cuimrigh far an robh an canan gu math làidir, a bu mhotha a thug piobrachadh do Phròiseact Dà-chànanach nan Eilean an lar; ach anns na h-ochdadan theann gnè ùr de ghnìomhaiche às leth na ri dhol do cheann a deas na Cuimrigh, far an robh Beurla air cur às de Chuimris. Thilleadh iad làn dealais a thaobh nam modhan 'bogaidh' anns a' chànan a chunnaic iad shìos.


An toiseach, bha feadhainn car amharasach mun naidheachd aca ach. mean air mhean, chaidh i an treisead agus nochd na ciad chròileagain Ghàidhlig a bha parantan nan ceann. Bha a' chiad deuchainn air a bhith ann an Inbhir Nis anns na seachdadan, ach chuireadh ceithir cròileagain Ghàidhlig air bhonn ann an 1980-81, anns an Oban, ann an Dùn Èideann, ann an Sleite an Eilein Sgitheanaich is ann am Baile Chloichrigh. Air a' 15mh den Cheitean 1982, aig a' chiad choinneimh de na ceithir buidhnean, ghabhadh ceum cudromach nuair a chuireadh buidheann taiceil air bhonn: Comhairle nan Sgoiltean Araich (CNSA).


'S e raison d'être ChNSA gum mair a' Ghàidhlig beò. Gu ìre, 's e laigead a tha seo. Mar eisimpleir, tha luchd-beachdachaidh air iomradh a dheanamh air cion ealantachd, am barail cuid, a thaobh foghlaim, agus air a' ghnė taice a tha ga thoirt seachad (SOED, 1994); ach 's e direach cho láidir is a bha an cuideam a chuirte air cànan a b' adhbhar gun robh an gluasad cho soirbheachail aig an toiseach. Gu sònraichte, bha e a' tighinn a réir beachdan nam pårant a bha a' fas gu math iomagaineach a thaobh mar a dh'éireadh don Ghàidhlig. Chord iomairt ChNSA gu mòr ris na parantan sko agus bha a bhuil ann. An toiseach, bha ceithir cròileagain Ghàidhlig ann ach an ath bhliadhna thàinig dùblachadh air na bha ann dhiubh agus leudachadh bras an dèidh sin, air feadh na h-Alba, gu ruige 1994 nuair a b' àirde an àireamh: 148 de bhuidhnean is 2,620 de chloinn. An dèidh nam bliadhnaichean mu dheireadh de na 1990an 's ann a chaidh e am maillead nuair a thòisich barrachd de dh'ùghdarrasan ionadail air foghlam Gàidhlig a sholarachadh anns na sgoiltean-àraich. healtachd a' chiad chlas-àraich.


Gu ìre, 's e cho gann is a bha solarachadh aig ire nan sgoiltean-àraich aig na h-ùghdarrasan ionadail a b' adhbhar gun tàinig leudachadh cho mòr air àireamh nan cròileagan Gàidhlig. Chuir Comhairle Roinn na Gàidhealtachd a' chiad chlas-àraich Gàidhlig air bhonn ann an Inbhir Nis ann an 1988. Nochd clasaichean-àraich ann am Port Ruighe is ann an Dùn Èideann goirid an dèidh sin ach cha do rinneadh adhartas anns an roinn seo ach nuair a thug an riaghaltas a-steach poileasaidh foghlamaraich a thoirt don h-uile páiste nois tri no ceithir ann an 1997. A nis tha a' chuid as motha de dh'ùghdarrasan a' tabhann foghlam ro-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig mar thaic do na clasaichean meadhan na Gàidhlig anns an bun-sgoiltean; ann an 2004 bha 60 clas-àraich aig na h-ùghdarrasan ionadail agus còrr is 600 de chloinn. Gun tengamh bidh buaidh aig an seo air na dh'fhaodas CNSA a dhèanamh anns na bliadhnaichean air thoiseach orra agus tha iad a' beachdachadh air an seo an ceartuair.

Faodaidh an dà chuid clann a tha a' Ghàidhlig aca agus clann à dachaighean anns nach eil i air a bruidhinn dol nan sgoilearan do chroileagain Ghaidhlig ChNSA agus do chlasaichean raich nan ùgharrasan ionadail. Anns a' chuid as motha de bhuidhean air tir mór, tha a' mhòr chuid den chloinn gun Ghaidhlig. 'S e am modail 'làn-bhogadh' a tha aig an dà chuid na cròileagain is na sgoiltean-àraich agus tha poileasaidh ChNSA air a dhol an raigend a thaobh seo anns na bliadhnaichean mu dheireadh, is iad air sgeama air a bheil làn-bhogadh is a bharrachd a thoirt a-steach. Air am bogadh anns a'chanan mar seo nuair a tha iad glè og. 's ann gu math luath a thèid aig clann a dachaighean anns nach eilear a' bruidhinn na Gàidhlig air a tuigsinn nuair a bhithear ga bruidhinn riutha. Nuair a ruigeas iad aois dol don bhun-sgoil, tha iad, mar as trice, air tòiseachadh air a' Ghàidhlig a bhruidhinn.

Foghlam ann an Sgoiltean Meadhan-na-Gàidhlig

Dh'aithnich an fheadhainn a bha na crdileagain an ura riutha riamh nach sàbhaileadh na buidhnean seo an cànan leotha fhèin. Dh'fheumadh GME a bhith anns na sgoiltean nan rachadh aig a' chloinn nach robh a' Ghàidhlig anns na dachaighean aca air deagh ghrèim fhaighinn air a' chànan. Air sàillibh seo, thòisich còmhlain phàrant a bha air a bhith an sàs ann an stiùireadh chròileagan Ghàidhlig air iarraidh air na h-ùghdarasan ionadail aca clasaichean bun-sgoile meadhan-na-Ghàidhlig a thabhann don cuid chloinne. 'S e daoine proifeiseanta a bha ann an luchd-stiùiridh nam buidhnean seo - buidhnean a bha a' chuid a bu mhotha dhiubh neo-fhoirmeil. Gu tric bha iad an sàs ann am foghlam Gàidhlig is eòlach air cànan, agus bha de dh'earbsa aca a dhol air an aineol gu raointean dra ann am foghlam ann an Alba.

An toiseach chuir na h-ùghdarrasan ionadail an aghaidh a' cheuma seo. Ged a dh'fhaodadh gur e mì-rùn rag an aghaidh na Gàidhlig a bu choireach gu ìre, gun teagamh bha cuid de dh'oifigearan foghlaim car iomagaineach a thaobh mar a thachradh nam bite a teagasg chloinne ach ann an cànan na dachaigh. Tha muon math de dhithchannan a' gabhail ris a' ghnè teagaisg seo anns a' Chuimrigh, mar eisimpleir, agus ann an Èirinn, Catalòinia, Frioslainn is Canada ach bu ghann a bha eòlas air ann an Alba aig an àm. Ach tha na h-oifigearan a bha teagmhach an toiseach rim moladh, oir rinn iad an dìcheall an leasachadh a thoirt gu buil an dèidh do na h-ùghdartasan cur romhpa dol air an adhart.

'S ann ann an 1985 a chuireadh air bhonn na ciad chlasaichean bun-sgoile a bha air an sònrachadh a dh'aona ghnothach a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig ann an Sgoil a' Mheadhain, Inbhir Nis, is ann am Bun-sgoil Shir lain Mhacsuel ann an Glaschu. Thòisich Sgoil a' Mheadhain le clas beag BS1 agus bha clasaichean BSI gu BS5 ann an Glaschu, aig an toiseach air bhonn ann am Port Ruighe funns an aon bhliadhna, a chaidh na chlas bha 24 ann uile gu lèir eadar an dà sgoil. Chuireadh clas dà-chànanach BSI meadhan-na-Gàidhlig BS1/2 ann an 1986. B' ann ann an 1986 cuideachd a chuireadh a' chiad chlas meadhan-na-Gaidhlig air bhonn anns na h-Eileanan.

Bha na cuibhrichean air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air an lasachadh anns na bun-sgoiltean. Chuidich buidheann ùr, Comunn na Gàidhlig (CnaG), a chuireadh air bhonn ann an 1984, leis a' ghluasad. B' e prìomh amas ChnaG co-òrdanachadh a dhèanamh air cur-seachadan is eile a bhuineadh don Ghàidhlig, ach bha e mar fhiachaibh orra cuideachd leasachaidhean a thòiseachadh far an robh beàrn. Bha CnaG cudromach anns na ciad bhliadhnaichean de GME: thug iad de mhisneachd do phàrantan teagmh-ach GME iarraidh, agus bhruidhneadh iad ris na h-ùghdarrasan às leth nam pàrant.


Ann an 1986 chruthaich Oifis na h-Alba Sgeama ann Tabhartasan Sonraichte airson Gàidhlig, agus COSLA (Convention of Scottish Local Authorities) air aontachadh ri sco. 'S e brosnachadh cudromach a bha seo, oir's c a tha ann an Tabhartas Sònraichte cuideachadh-airgid bho riaghaltas a' mheadhain a bhios air a chleachdadh airson leasachadh sònraichte a tha air a stiúireadh le ughdarras ionadail. Mar sin dh'fhaodadh na h-ughdar- rasan clasaichean Gàidhlig a chur air bhonn gun a bhith a' lùghdachadh an airgid a bha iad a' cosg air foghlam mar-tha - rud a bha fior chudromach a thaobh poilitigs.


Ghreas an gluasad air: mu dhà chlas úr gach bliadhna anns a' chiad dol a-mach, gu sia gach bliadhna eadar 1989 is 1993, mus deach e am maillead eadar 1994 is 1999, nuair a nochd tri gach bliadhna; an dèidh 1999, bha fiù 's na bu lugha na sin a' nochdadh. Tha na h-àireamhan de chloinn anns na classichean air a dhol am meud gu cunbhalach, gu ruige beagan a bharrachd air 2000 ann an 2004, a tha mu thrian air tir-mòr na Gàidhealtachd, trian anns na h-Eileanan an lar agus trian eile air a' Ghalltachd.


Coltach ris na cròileagain, faodaidh an dà chuid clann a tha a' Ghàidhlig acn is clann nach eil i aca dol gu clasaichean meadhan-na-Gàidhlig ann am se soo am modh-teagaisg ris an canar "bogadh' no "làn-bhogadh'. Tha a' mhór-chuid den chloinn gun Ghàidhlig, gu sònraichte air tir-mor. 'S i a' Ghàidhlig am meadhan-teagaisg, cha mhòr fad na h-uine: 's e seo am modh-teagaisg ris an canar 'bogadh' no 'làn-bhogadh'. Tha am modh seo for mhath gus canan sam bith a theagasg: tha iarrtas mòr aig a chloinn an cànan a thogail gus an tèid iad an sàs ann an obair a' chlas; tha an cànan mun cuairt orra fad an latha, agus tha cothrom aca an cànan a chleachdadh gu ciallach fhad 's a bhios iad ga thogail. 'S e as toradh do seo gum fàs sgoilearan meadhan-na-Ghàidhlig nach eil a' Ghàidhlig aca aig an taigh comasach air a cleachdadh (agus tha cho math is a tha clann og air rudan ura ionnsachadh na chuideachadh air seo a thoirt gu buil). Cuideachd, tha a' chlann don dùthchasach a' Ghàidhlig nas coltaiche leantainn orra gu a bruidhinn, a dh'aindeoin a' ghearain a chluinnear aig cuid de pharantan: gu bheil clasaichean meadhan-na-Gàidhlig nas fheumaile don chloinn nach eil a' Ghàidhlig aca bho thùs.

Bha na ciad tidsearan meadhan-na-Gàidhlig nan Gaidheil a dh'fhàg an roinn meadhan-na-Beurla. An deidh sin, dh'fhastadh tidsearan ura a bha nan Gàidheil agus a bha air teisteanas bun-sgoile fhaighinn, dìreach an dèidh dhaibh a' cholaiste fhàgail; 's e a bu thoradh do sco gu robh tid- searan meadhan-na-Gàidhlig na b'dige nan àbhaist. Tha ionadan ann a bhios a' tabhann chúrsaichean saor-thoileach air modhan-teagaisg GME do thidsearan fo thrèanadh; ach chan eil cursa ann, a-mach air fear air astar, a dh'aona ghnothach do dh'oileanaich a tha an duil a dhol nan tidsearan meadhan-na-Gàidhlig.

A-mach air cnapan-starra beaga - dà bhun-sgoil bhig air an dùnadh, mar eisimpleir - tha soirbheachadh cha mhòr gun bhacadh air a bhith an lùib foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig anns na bun-sgoiltean. Tha na duilgheadasan as motha air nochdadh mar thoradh air a' bhuaidh choileanta seo, leithid dith thidsearan a théid do na sgoiltean a tha gan iarraidh.


Co-dhiù, tha leudachadh GME air a dhol am maillead o chionn ghoirid. Cha do chuireadh air bhonn anns na sia bliadhna mu dheireadh, mar eisimpleir, ach dà chlas ùr, agus cha tainig ach leudachadh fior bheag anns na tha ann de sgoilearan. Tha iomadh adhbhar ann do seo. 'S e am fear as cudromaiche cho gann is a tha tidsearan a tha a' Ghàidhlig aca. Dh'fhàilnich air cuid de chlasaichean ura fiú 's toiseachadh bho nach d'fhuaradh lorg air tidsearan agus, anns a' bhitheantas, tha buaidh aig an seo air misneachd nam pàrant is nan ùghdarrasan. Adhbhar eile: ann an iomadh cearn tha an t-iarrtas a bha ann an toiseach air a choileanadh: tha a' chuid as motha de theaghlaichean ann an iomadh àite ann an taobh siar na Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, mar eisimpleir, faisg air clasaichean meadhan-na-Gàidhlig. Agus 's e nach eil an uimhir de chloinn aois na sgoile ann co-dhiù, air feadh na h-Alba, is air an dùthaich gu sonraichte, as adhbhar eile.

Ann an 1988, shiubhail na ciad sgoilearan a thug a-mach foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am bun-sgoiltean ann an Glaschu gu Àrd-sgoil Hillpark anns an aon bhaile. A chionn 's nach eil gu leor de thidsearan le Gàidhlig a theagaisgeadh na cuspairean àbhaisteach air a bhith ann nuair a bha feum orra tha adhartas air a bhith cugallach. 'S e an co-dhùnadh ann an aithisg Oifis na h-Alba, 1994: 'the provision of Gaelic medium secondary education in a number of subjects, determined by the vagaries of resource availability, is neither desirable nor feasible in the foreseeable future' (SOED, 1994, td 3). 'S e port eile a bha aig Oifis na h-Alba an dèidh làimhe agus ùghdarrasan ionadail, buidhnean Gàidhlig is buidhnean phàrant air obrachadh còmhla gus dubhlan a thoirt dhaibh; agus tha GME fhathast ann an roinn nan àrd-sgoiltean. Ged-thà, tha na speirichean car teann air fhathast, agus chan eilear a' solarachadh na h-uiread dheth is a bu chòir.

Ann an 2004, mar eisimpleir, anns na 36 de dh'àrd-sgoiltean a bhiodh a' gabhail sgoilearan ás na bun-sgoiltean Gàidhlig, ged a bha a h-uile tè a tabhann clas Gàidhlig (airson 928 sgoilear uile gu léir) cha robhar a' tabhann chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig ach ann an 17 dhiubh, agus cha robh ach 307 de na sgoilearan a' dèanamh nan clasaichean sin - an treas cuid de na bha ann Ged as e suas gu ochd cuspairean anns a' Ghàidhlig a bhathar a' tabhann ann an Ard-sgoil Phort Ruighe, chan fhaighte anns a' chuid a bu mhotha ach aon no dhà. Bidh roinn àrd-sgoile meadhan-na-Gàidhlig ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a bhios a' fosgladh anns an Lùnastal 2006. O chionn ghoirid tha próiseact deuchainn le Storlann air a' chiad ionnsaigh a thoirt air Cruinn-eolas a theagasg tro chùrsa meadhan-na-Gàidhlig air-loidhne. Tha am pròiseact nàiseanta, a tha ga mhaoineachadh leis an SEED, a' dèanamh rannsachadh air mar a dh'fhaodar togail air an seo gu raon de chuspairean a ghabhail a-steach.


Air a thoirt bho 'Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig',

Dunedin Academic Press, 2003


25 views0 comments

Recent Posts

See All

Comments


bottom of page