top of page
Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Iain MacIlleChiar

Inbhir Nis

Thogadh mi ann an Raineach air an t-seann Ghàidhealtachd. Nuair a bha mise a’ fàs suas, bha Gàidhlig aig na seann daoine ach cha robh aig ginealach m’ athair is mo mhàthair. Mar sin b’ fheudar dhomh a h-ionnsachadh san àrd-sgoil agus ann an coimhearsnachdan Gàidhlig.


Bha mi a’ fuireach ann an Inbhir Nis bho 1983 agus ‘s e pàirt den adhbhar a dh’imrich mi an sin gun robh mi a’ smaointinn gum biodh e na b’ fhasa foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chur air chois an sin seach far an robh mi ann an Siorachd Pheairt. Cha bhi fàidh gun urram ach na dhùthaich fhèin!


Cha robh miann foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann idir aig an àm. Gun teagamh bha trì teaghlaichean proifeiseanta Gàidhealach ann a bha air an teaghlach a thogail le Gàidhlig – Murchadh is Catrìona MacLeòid – pàrantan Alasdair agus Aonghais, Fionnlagh is Mòrag MacNèill – pàrantan Dhòmhnaill, Catrìona is Chaluim – agus Màrtainn is Catrìona Dòmhnallach - pàrantan Seònaid is Niall Iain ach bha iadsan nan deugairean mun àm sin. Bha càraid agam fhìn, Ciorstain is Eòghann, a bha ceithir aig an àm is bha mi gan togail le Gàidhlig mar sin bha mi airson ‘s gum biodh foghlam Gàidhlig ann dhaibh. Bha mi air a bhith sa Chuimrigh is air sgoiltean Cuimris fhaicinn agus b’ iad gu mòr an eisimpleir dhuinn. Thòisich Fionnlagh MacLeòid, Cè Sgaimeal, mi fhìn agus feadhainn eile Comhairle nan Sgoiltean-àraich, buidheann nàiseanta, nuair nach robh ach ceithir cròileagain san dùthaich. Bha fear againne ann am Baile Chloichrigh, fear ann an Slèite air sàilleabh Sabhal Mòr Ostaig, fear ann an Dùn Èideann far an robh Cè is Màiri Sgaimeal, pàrantan Eilidh, agus fear eile san Òban. Thòisich mi fhìn agus Lisa Storey a’ coiteachadh airson a leithid, a’ trusadh ainmean, a’ cumail choinneamhan, a’ coinneachadh ris a’ chomhairle, smsaa. Is sinne a chruthaich am miann. Bha eachdraidh de nimh an aghaidh na Gàidhlig air a bhith ann sna seann chomhairlean siorrachd ach dh’atharraich sin rud beag nauri a chaidh riaghaltas ionadail atharrachadh ann an 1974 is nuair a nthàinig ginealach ùr de chomhairlichean nas tuigsiche a-staigh.


An dèidh dà bhliadhna de spàirn chaidh a ràdh ruinn, nam faigheamaid ochdnar cloinne gum fosgladh Comhairle Roinn na Gàidhealtachd clas. Fhuair sinn ochdnar air èìginn, on ‘s e annas a bha ann, agus an latha a dh’fhosgail e ann an 1985 nochd deichnear! B’ ann ann an Sgoil a’ Mheadhain, ann an Inbhir Nis, a bha e. ‘S i Lisa Storey a’ chiad neach-teagaisg a bha ann agus bha I sònraichte math. Tha cuimhne am na pàrantan fhèin a’ dol a-staigh a pheantadh an t-seòmar on a bha e ann an seòmar nach deach a chleachdadh o chionn fhada! An aith-bhliadhna cha robh ach ceathrar sa chlas ach beag air bheag dh’fhàs an gnothaich gus ann an 1993, is a’ chlann agam fhin a-mach aiste an uair sin, dh’iarr Comann nam Pàrant sgoil air leth air a’ Chomhairle. Chaidh innse dhaibh tilleadh an ceann còig bliadhna agus feuchainn a-rithist. Mun àm sin bha mise leis an dàrna àl agam, Màiri is Conall, agus chaidh mi air ais sa chathair air Comann nam Pàrant agus mun àm a dh’aontaich iad is a thog iad an sgoil bha an gille as òige agam dìreach air am bun-sgoil fhàgail. ‘S e Conall a sheinn a’ phìob aig fosgladh oifigeil na sgoile ann an 2007! Dh’fhosgail sgoil ann an Glaschu air an aon bhliadhna ach b’ fheudar dhaibh sa chiad dol a-mach ‘sgoil dhà-chananach‘ a thoirt oirre air adhbharan poilitigeach ann an Glaschu. Cha do mhair sin fada ge-ta agus an ceann dà bhliadhna no mar sin chaidh aca air a h-atharrachadh na sgoil Ghàidhlig.


A thaobh ghoireasan, faighnich de phàrant sam bith bho sgoil sam bith aig an àm sin mu na ‘paste-overs’. Gheibhear na leabhraichean sin fhathast sna sgoiltean Gàidhlig. Cha mhòr gun robh leabhraichean freagarrach sam bith ann o nach robh foghlam air a bhith ann ann an Gàidhlig roimhe. Mar sin bhathar a’ cleachdadh na leabhraichean a bha ann an clò ann am Beurla agus gan eadar-theangachadh air seòrsa de làibealan a bha an uair sin gan cur air na leabhraichean Beurla sin leis na pàrantan. Spòrs gun sgur!


Feumar luchd-teagaisg nam bliadhnaichean a mholadh gu mòr. Cha d’fhuair iad fhèin oideachadh sònraichte sam bith. Nam fàbhar a thaobh cànan ‘s e fileantaich às na h-eileanan a bha cha mhòr sa h-uile tè aca ach a thaobh dòighean teagaisg, dh’ionnsaich iad mar a chaidh iad air adhart.


Bha sinn ag obair aig àm far an robh spiorad atharrachaidh ann. Ged a bha sinn air pàrlamaid a chall ann an 1979 agus Thatcher is an leithid air a dhol dhan riaghaltas, bha sinn a’ dèanamh na b’ urrainn dhuinn far am b’ urrainn dhuinn. Aig deireadh nan ochdadan bha Comhairle nan Sgoiltean-àraich againn, sgoiltean Gàidhlig is Comann nam Pàrant, bha mise is Roy Pederson air Comann an Luchd-Ionnsachaidh (Clì) a stèidheachadh, bha an aithisg Cor na Gàidhlig air tighinn a-mach is Comunn na Gàidhlig air a chur air chois agus bha meudachadh air tighinn ann an craoladh radio. Chaidh togail air na bunaitean daingeann sin sna 90an ach tha faireachadh agam gun deach cus ùine a chur seachad air Achd Gàidhlig, a bha sean-fhasanta nuair a chaidh a dhealbhachadh, agus Bòrd na Gàidhlig a chur air chois sna 00an agus gun do chailleadh mòran den impetus a bha ann roimhe. Air an làimh eile nuair a thèid mi a-staigh dhan sgoil Ghàidhlig ann an Inbhir Nis an-diugh, chì mi luchd-teagaisg òg a bhuineas gu ìre mhòir chun an taobh seo den dùthaich a thàinig iad fhèin a-nuas tro na sgoiltean Gàidhlig.

18 views0 comments

Recent Posts

See All

Comentários


bottom of page