top of page
  • Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Jim Whannel

Glaschu

A thaobh beatha LGDT sna h-ochdadan, bha cothroman sòisealta na bu cumhainge. Cuimhnich gun robh sinn dìreach a’ dùsgadh à linn dì-eucoireachadh nam fireannach. Cha robh còraichean sam bith againn a thaobh fastaidh no co-ionnanachd. Cha robh pòsadh gèidh fiù 's air fàire. Cha do bhruidhinn sinn idir mu dhèidhinn sin oir cha do smaoinich duine sam bith gum biodh sin air chomas dhuinn.


Bha AIDS agus HIV a’ bualadh air a’ choimhearsnachd agus a’ ciallachadh gun robh claon-bhreith a’ fàs a-rithist às dèidh dha lùghdachdh, thairis air na deicheadan ro làimhe. Cha robh Riaghaltas sam bith ann an Alba agus bha Lunnainn na mheadhan-chumhachd. Bha sinn air fàs na bu dòchasaiche – nas misneacheil – an taca ri ginealachan romhainn. Na bu dualtaich nach bomaid a’ gabhail ri claon-bhreith leis na nach robh sinn cho brùite sa bha iadsan.


Bha e follaiseach cuideachd gu robh sinn an còmhnaidh a’ strì airson adhartais – fiù ‘s am broinn nam pàrtaidhean poilitigeach dhen Chlì, leithid a' Phàrtaidh Labaraich, far an robh mi sna h-80an is 90an. Bha còraichean leisbeach is gèidh gu math connspaideach, fhathast. Bha deifir rudan poilitigeach ann, mar eiseamplar, Lesbians and Gays Support the Miners agus meur dhe sin ann an Glaschu. Bha meur aig Labour Campaign for Lesbian and Gay Rights ann an Alba, cuideachd.

Bha feagal aig tòrr daoine gum bidh daoine san fharsaingeachd a’ faighinn a mach gu robh iad leasbach no gèidh agus, mar sin, bha e fada bu chumanta gum biodh daoine sa chlòsaid. Cha robh e buannachdail idir a thaobh cothroman fastaidh agus beatha sòisealta. Bha na seirbhisean taic againn fhèin na bu chumhachdaiche – SLGS / Lesbianline, mar eisimpleir – iomairt airson Meadhanan Coimhearsnachd, seirbhisean-taice airson AIDS / HIV is mar sin air adhart.


Nuair a thòisich an iomairt an aghaidh Earrainn 28, sa chiad àite bha comataidh againn ann an Glaschu (Stop the Clause). Chuir sinn caismeachd air dòigh, cuideachd agus tha mi a' smaoineachadh gum b' e sin a chiad chaismeachd "gèidh" sa bhaile a bh ‘ ann. Dh’obair daoine ann an aonaidhean is pàrtaidhean fa leth, ach bha e gu math slaodach oir bha e doirbh às dèidh na h-Achd.


Bha mi air a’ chomataidh airson Repeal – iomairt eile na aghaidh – cuideachd. Ann an dòigh, chum sinn a’ dol ag obair air iomairtean eile a bharrachd air na bha an aghaidh Earrainn 28. Bha mi nam chathraiche air a’ phròiseact GLC a chuir an dòigh ar Meadhain Coimhearsnachd mar eiseamplair. Bha mi air a’ Bhòrd airson PHACE West agus PHACE Scotland, is nam chathraiche, aig aon àm. Dh'obair sinn air a’ chiad ro-innleachd co-ionnanachd aig Srath Chluaidh, a ghabh a steach a’ choimhearsnachd leasbach is gèidh agus dh’obair sinn air structairean co-chomhairleachail le Srath Chluaidh mar thorradh air seo, nuair a thàinig sin gu crìoch le Glaschu.


Ann ann dòigh, thionndaidh sinn gu iomairtean taobh a-muigh agus taobh a-staigh na coimhearsnachd againn fhèin, ach le Earrann 28 an còmhnaidh mar co-theagsa. San EIS, mar eiseamplair, dh’obair mi leis an oifigear co-ionnanachd airson taic a thoirt gu luchd-teagaisg leasbach is gèidh, aig an tòiseach, gu pearsanta, ach dh'fhàs sin nas ro-innleachdail agus nar pàirt de structairean aig an aonadh, tron Chomataidh Nàiseanta Co-ionnanachd.

Gun teagamh bha cnapan-starra ann. Bha daoine – nam bheachdsa fhèin – am falach air cùlaibh Earrann 28, ga cleachdadh mar adhbhar gun bhith dèanamh rudan. Ach, cuideachd bha e na chùis beachdachaidh. Am biodh am moladh airson maoineachadh laghail air neo “would it promote homosexuality as a pretended family relationship”? Bha sin a’ bualadh air co-dhùnaidhean practaigeach aig oifigearan aig ìre an ùghdarrais , fiù ‘s daoine taiceil.


Bha luchd-teagaisg agus Roinntean an Fhoghlaim a‘ tuigsinn Earrann 28 mar rudeigin a chuir bacadh air adhartas is iomradh sam bith air “gay issues”agus, mar as àbhaist, cha robh iad deònach dùbhlan a thoirt dha sin.


B' e a chiad foghlam LGDT, a thug mise seachad, aonad air Anne Frank. Ghabh mi a steach claon-bhreith leasbach is gèidh, ach bha sin rudeigin pearsanta. Co-dhùnadh a rinn mi fhìn sin a thoirt a-steach. Tha cuimhne agam gun d’ fhuair mi seachdain air secondment mar phròiseact airson sgrìobhadh aonad airson "slànachd" aig deireadh nan 90an. Bha e na laighe air sgeilp sa phrìomh oifis air sgath ‘s nach robh Stiùiriche an Fhoghlaim deònach rud sam bith a dhèanamh leis. Mean air mhean thogadh feartan diofraichte dhe gnèitheachd aig coinneamhan airson Prìomh-thìdsearan Cùram Treudaich (Pastoral Care). Chuidich mi iad le sin. Bha einntinneach aig an àm sin is gu robh daoine a’ faighinn cuideigin gèidh airson cùspairean "gèidh" a theagasg. Rinn mi bùth-obrach airson sgoilearan san àrd-sgoil mu thimcheall 2000 – breakthrough a-rithist aig an àm.


Chan eil cuimhn’ agam an robh tòrr ghoireasan rim fhaotainn sna 80an no 90an, co-dhiù. Às dèidh dì-eucoireachaidh, thàinig rudan a-mach gu foirmeil ach gu math slaodach. Bha bhideo air dàimhean pearsanta le dithis bhoireannaich aig pàrtaidh ann an gàradh mas math mo chuimhne am measg phàrantan eile – groundbreaking!


An robh rudeigin gu seachd àraid sna meadhanan, litreachas, an roinn acadamaigeach, no ann am poilitigs a thug spionnadh dhuibh? An robh duine sam bith a bha ainmeil no aithnichte ann is a thug brosnachadh dhuibh?


Bhiodh deifir rudan a nochdadh sna meadhanan. Tha cuimhne agam air sgioba-cluiche aig Brookside a chaidh gu Manchester airson a’ chaismeachd an aghaidh Earrainn 28. B' ann ann an '86 a bha sin, saolaidh mi, is mìltean dhinn a’ sgreuch Sheila Sheila ri Sue Johnston! Bha Ian McKellen gu math taiceil. Thàinig e don chaismeachd againn ann an Glaschu.


Bha an iris Glasgay gu math cudromach is brosnachail – Dorothy Paul gu math làidir. She brought the house down aig an Citizens ann an 93 saolaidh mi. Janey Buchan – tèile bha cudromach sa Phàrtaidh Labarach aig an àm, gu seachd àraid ann an Glaschu agus gu math taiceil, le eachdraidh a’ dol air ais do na 60an agus an SMG.


Cha robh ceanglaichean eadar iomairtean eile, leithid iomairt foghlam na Gàidhlig ann. Uaireannan choinnicheadh tu ri daoine às na h-eileanan no à taobh an Iar na h-Alba, leis a’ Ghàidhlig, ge-tà. Aig an àm sin bha a’ Ghàidhlig a’ dol à bith ann an Glaschu. Thòisich ath-nuadhachadh air a’ chànain gu slaodach sna 90an. A thaobh coimhearsnachd na Gàidhlig cha robh ceanglaichean dlùth eadarra is coimhearsnachdan LGDT. Bha feagal aig daoine leasbach is gèidh aig an robh a’ Ghàidhlig, às na h-eileanan agus taobh an Iar, gum faigheadh daoine a-mach man dèidhinn. Gum biodh fios aig daoine air ais aig an taigh gu robh iad leasbach no gèidh.


Cha robh tuigse a thaobh deifir sheòrsachan chlaon-bhreith no leth-bhreith cho cumanta. Bha ceanglaichean nas fhaisge, nuair a fhuair sinn cothrom pàirt a ghabhail ann am pròiseasan nas oifigeil, a’ tòiseachadh le Srath Chluaidh aig deireadh nan 80an, chanainn nach robh dàimhean mì-shaorsainneil, uaireannan. Cha robh trèanadh ri fhaotainn idir, fiù 's gu ruige deireadh nan 90an. Tha cuimhne agam nuair a bha mi nam cheannard, fhuair sinn taisbeanadh aig Coinneamh nan Ceannardan ann an Glaschu – 97 no 98, saolaidh mi – le fòcas air claon-bhreith is mar sin air adhart, agus dìreach a’ deiligeadh ri Gender / Disability / Race. Thog mi mo làmh is thuirt mi nach robh poileasaidh aig A’ Chomhairle thaobh Lesbian and Gay Issues. Thog Ceannard eile a làmh, agus 's dòcha ceud is caogad an làthair, is thuirt i nach robh ise den bheachd gum bu chòir dhuinn a bhith a' bruidhinn mu dhèidhinn “rudan eile”. Fiù ‘s aig an àm sin, b' e sin an seòrsa àrainneachd anns an robh sinn ag obair.


Bha mi fhathast ag obair tron Phàrtaidh Labarach agus an aonadh EIS. Smaoinich mi gun robh rudan a’ gluasad air adhart, ach gu math slaodach. Mar eiseamplar, sna 80an, cha robh fiù ‘s cead airson seòmar fhaotainn sna oifisean AUEW ann an Glaschu do Chomataidh Nàiseanta an Aonaidh (àite a chleachd tòrr bhuidhnean dhen Chlì ) dìreach leis gur e buidheann leasbach is gèidh a bh’ ann. Tha cuimhne agam cuideachd air argamaid le dorsair san Glasgow Trades Hall, nuair a chuir mi air a’ bhord ann an cailc, "An Seòmar airson Lesbians and Gays Support the Miners Group" Thàinig sioc air aodann – "you can’t write that on our board!" "Well I am," ars mise ach sguab e e.


Bha mi an sàs ann an rudan, ann an dòigh, taobh a-muigh na coimhearsnachd. HIV / AIDS agus Gay Lesbian Centre agus le ceanglaichean sin leis a’ chomhairle. A‘ riochdachadh na coimhearsnachd an àite a bhith ag obair am broinn na comhairle mar gum b' eadh - Srath Chluaidh aig an tòiseach agus Comhairle Bhaile Ghlaschu às dèidh làimhe.


Ann an dòigh, ged a bha rudan air fàs na bu doirbhe, bha sinn na bu phoblaiche agus bha an sluagh-ghairm againn sa chiadd iomairt Stop S28 gu tùir fìor – “Never Going Back”. Bha sinn mar drochaid eadar daoine a rugadh sna 20an is 30an – ro sin uaireannan – a bha na bu bhriste na sinne. Bha sinn deimhinnte nach deigheamaid air ais gun strì, co-dhiù.


Tha cuimhne agam, nuair a bha mi nam bhalach òg sna 70an, agus a’ feitheamh air cairdean agam. Aig an àm sin, bha e na bhitheanta gum biodh a h-uile duine leasbach is gèidh san aon bhar. Agus bha seann duine ann, aig a’ bhar. Bhiodh e na 60an, is mar sin dheth rugadh e sna 10an, agus thòisich sinn bruidhinn nuair a bha mi a’ feitheamh. A’ coimhead air ais, 's dòcha gun robh e beagan aonranach ach bha mi ro òg a bhith eòlach air rudegin leithid sin. Co-dhiù, thuirt e "you’re all so lucky really – you know this was the first place for people like us with a street light at the door. Tric is minig cha robh daoine a leithid comhurtail le faclan leithid gèidh – people like us, people this way is mar sin air adhart. Nise, b' e siud ìre foireigin nach robh oirnn. Bha sinn daingeann nach biomaid a’ fulang mar a bha ginealachdan romhainn air fulang.

38 views0 comments

Recent Posts

See All
bottom of page