Na Faclan a dh’Ionnsaich Mi
Togaidh m’ inntinn slighe dhìreach, suas bràighe cruadhtain is na suidheachain dearga cuirte an sreath – mise nam shuidhe am fear dhiubh, mo shùil a’ gluasad leotha, nan deann-ruith air traca gun tomhas is fallas a’ deàrrsadh air sliasaidean.
An t-uabhann ron chothrom agam, buill-bodhaig uile mar spàgan bèist, a’ plapadh fo sgrùdadh grèin gun tròcair is an teas, ag oireadh an nàire, a-nis, is mi cleachdte ris, gun chomas fhathast tost a chur air a guth ri fèin-chàineadh.
Sa bhad, is e rim thaobh, a làmh air mo cheann, a mheuran gam fighe a-steach dha m’ fhalt is e a’ slaodadh mo chuirp le grèim air mo bhinnean fhèin, gus mo chaitheadh bhuaithe, a dh’ionnsaigh bonn nan staidhre.
Tionndaidhidh iad thugam, am aodannan balbh, sùil-fosgailte gus a’ chonnspaid amharc is am facal a chleachdas e, nach tuig mi, buileach, air a’ chiad ghreis, ga chagarsaich eadar bilean, cluasan is cuimhne.
Togaidh m’ inntinn ceist an seasadh a’ chogais ris, an gnìomh, am briathar, an robh tùr gu lèor air na bh’ aige ri ràdh, seach co-chiallar eadar-dhealachais a chur an cèill is mi, gun chomas mo smuaintean fhìn a chur an rian, aig an àm bha sin.
San là an-diugh chualar guth is gur facal ùr a chleachdar – bun-bheachd nach do mheòraich idir mise ach eadar an dà dhiog amharais a bheir, gus cuidhteas fhaighinn dhe m’ eachdraidh fhìn, ga crochadh air mo chùl-chinn, le smàlag corraig
Ach ar leam is an gille òg ga thoirt air adhart, tro thìm, an cìosnaicheadh e am facal ùr, a’ bhreisleach na bhroinn, no am fuasgailte slighe do cheann-ùidhe cian, nach buineadh ris ann an dòigh sam bith, ciod bu dhàna e a dhiùltadh, ach, saoil, an gèilleadh e dha ghairm.
Gu dearbh fhèin ’s an gille sin a bheireadh sgàil thar fheartan a theagaisg a shaoghal dha cho grànnda gràineil gaoideil fhaicinn is e nach d’ rinn ach suidhe ri taobh nighein air an là sin - a ceòl a chòrd ris, thug dha cabhsair a-mach à fìorachas mì-chneasta, a bròn a thuig e, a fasan a ghràdhaich e is i a mhothaich gum bu cho-ionnan iad, co-aoisich còmhla seach a co-leithid.
Комментарии