Marcas Mac an Tuairneir
Marcas Mac an Tuairneir
Updated: May 6, 2021
Fichead 's a h-Ochd
Thathar ag rà dh gur e seo mo là , gun toir an linn seo dhuinn cothrom cur an cèill, ach tha dìomhaireachd gu domhainn na mo chridhe, nach ceadaichear idir chur mu sgaoil. Air an oidhche 's mi an à rd, le siosar na mo là imh, a' feuchainn sin le leabhar, ged nach leugh mi lideadh fhathast. Anns a' mhadainn 's mi an à ird, 's e bhios ann ann am facal sgrìobhte, Gà idhlig ga glaodh thar gach briathar. Nuair thèid mi staigh air a' chiad là , cuiridh mi romham mo chor is mo chothrom a ghlacadh le dà là imh, ach aig an deasg, nach mi a bhios fo bhruadar. Saoil, cò ris am bi an saoghal coltach, nuair a bhios mi fichead 's a h-ochd. Thathar ag rà dh gur e seo mo là , gun toir an linn seo oirnn fuasgladh nam beul, ach tha briathrachas nach gabhar innse, nach fhacar ann am faclair Dwelly fhèin. Air an oidhche 's mi an à rd, le iarann nam là imh, lèine 's cèisean air a' bhòrd, stamp is seòladh air gach tè. Anns a' mhadainn 's mi an à ird, 's e bhios ann, am facal sgrìobhte, deiseil ri chur le dòchas 's fèill. Nuair thèid mi staigh air a' chiad là , cuiridh mi romham mo chor is mo chothrom a ghlacadh le dà là imh, ach aig an deasg, nach mi a bhios fo bhruadar. Saoil, cò ris am bi an saoghal coltach, nuair a bhios mi fichead 's a h-ochd. Nuair thèid mi staigh air a' chiad là , cuiridh mi romham mo chor is mo chothrom a ghlacadh le dà là imh, ach aig an deasg, nach mi a bhios fo bhruadar. Saoil, cò ris am bi an saoghal coltach, nuair a bhios mi fichead 's a h-ochd. Nuair chaidh mi staigh air a' chiad là , chuir mi romham, mo chor is mo chothrom, a ghlacadh le dà là imh, ach aig an deasg, nach mi a bha fo bhruadar. Seo cò ris am bi an saoghal coltach, agus 's mi tha fichead 's a h-ochd.