Marcas Mac an Tuairneir
Meg Bateman

Alba fo Dhìmeas
Chuala mi oileanach ag ràdh, 'Luchd nan eilean, chan iongantach gur suarach an cultar - dè 'n cothrom a th'aca air ealain?' Is lean fear eile air, 'Mura biodh an t-Ath-Leasachadh, bhitheadh Mozart is Verdi againn fhìn ann an Alba...' Tha mi ag ionnsachadh bhuapa gu bheil obair an oideachais coilionta; a-nist chan fhaic iad an grinneas nan dualchas.
Air a thoirt bho An Aghaidh na Sìorraidheachd Polygon, 1991