top of page

Anna Frater

Writer's picture: Marcas Mac an TuairneirMarcas Mac an Tuairneir

Ar Cànan 's ar Clò

Bha bodach na mo bhaile aig an robh beairt, agus leis a' bheairt dhèanadh e clo, agus chaidh aodach a dhèanamh den chlò, agus bhiodh na daoine a' cur orra 'n aodaich aodach tiugh trom a chumadh blàth iad. Ach thàinig fear eile, fear na b'òige, fear nach buineadh don bhaile, agus bha beairt ùr aige agus snáth ùr dathan air an goid bhon bhogha-froise – agus aodach tana, lom, agus àlainn, ann am beachd nan daoine.


Chum am bodach air leis an t-seann bheairt ach bha na daoine og a' fanaid air, agus cheannaich iad uile na beairtean ùra, agus thòisich iad a' dèanamh nan clóitean ùra, agus cha robh dragh aca mu dheidhinn a' chlo air beairt a' bhodaich. Ach, an dèidh ùine thàinig an geamhradh agus cha chumadh an t-aodach lom le na snaithtean brèagha agus na dathan soilleir a-mach am fuachd, agus cha robh feum anns na beairtean ùra. Lorg iad am bodach agus chunnaic iad a' bheairt, agus chunnaic iad an clò, ach cha b'urrainn dhaibh a' bheairt obrachadh, oir bha i air fàs meirgeach agus bha am bodach marbh. Air a thoirt bho An Aghaidh na Sìorraidheachd Polygon, 1991

20 views0 comments

Recent Posts

See All

Comments


© 2023 by ENERGY FLASH. Proudly created with Wix.com

bottom of page