Marcas Mac an Tuairneir
Aonghas MacNeacail
beul beag

a bheòil bhig an inns thu dhomh nad chà nan ur mar a lion do mhà thair leat, eil cuimhn' agad
a bheòil bhig an seinn thu dhomh nad chà nan ur na h-òrain og a thòisich tìm
a bheòil bhig an dèan thu cruth do bhiathadh dhomh
a bheòil bhig de 'n cleas, an toir thu tuar do latha dhomh
scas seas, a bheòil bhig. cha tuig mi thu, tha eas do lidean taomadh orm mar dhealain geal a' sà thadh feoil chruaidh m' fhoidhidinn
a bheòil bhig a bheòil bhig an ith thu mi
a bheòil bhig cha tus' an t-aon tha gairm do bhith
a bheòil bhig sporain nam fuaim nad ròs rèidh 's tu cala 'n t-suain
a bheòil bhig nuair a thilleas tu à gleann nam balbh an inns thu dhaibh nach cual' thu fos nad chanan ùr nach toigh leat crà dh
Air a thoirt bho An Aghaidh na Sìorraidheachd Polygon, 1991