top of page
  • Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Fearghas MacFhionnlaigh

Tuiteam Icaruis I

Icarus sgitsifrìneach sgiathan dubhdhòthte le amharas a' sgreuchail tro neòil éitigh na h-aigne gu ruige lumadheirg dhomhainn nam breug

ondhreag mheitifisigeach caoirgheal le cràdhshuathadh na bith a' dianthuirling tro strataispeur na h-inntinn gun chinnt ach do bhuidealaich fhèin


fèinigs spioradail ag éirigh à luaithre na h-inntleachd a' sigheadh mar leòmann cama-casi a dh'ionnsaigh lasair neo-bhàsmhoir Dhè





Air a thoirt bho An Aghaidh na Sìorraidheachd Polygon, 1991

11 views0 comments

Recent Posts

See All
bottom of page