Cogadh an Dà Chànain
'S mi an leanabh sàraicht',
an dithis gam altramas.
Fhuair mi 'n t-uachdar om mhàthair
ach om mhuime bainne lom.
Tha mo bheul sgìth de chich na tè ud,
an sgalag! an tràill!
a tha air iomadh muinntireas fhaicinn,
a' reic a bainne ris a' mhòr-shluagh
's beag an t-iongnadh a cìoch a bhith cas.
Tha a bainne geur a' dol
tarsainn m' anail
agus a' fàgail blas searbh na mo bheul.
Cha ghabh im no càis' a dhèanamh dheth.
'S chan e sin, ach tha e sabaid airson uachdranachd air an stapag mhilis a tha daonnan nam bhràigh. Air a thoirt bho An Aghaidh na Sìorraidheachd Polygon, 1991
Comentários