top of page
  • Writer's pictureMarcas Mac an Tuairneir

Sìm Innes

Updated: Jun 23, 2020

An Gearasdan

’S e Sìm an t-ainm a th’ orm. Tha mi an-diugh a’ fuireach ann an Glaschu agus mi nam òraidiche aig Oilthigh Ghlaschu, a’ teagasg Gàidhlig agus a’ dèanamh rannsachadh. Bha mi 40 bliadhna a dh’aois … bliadhna neo dhà air ais. Cha chan sinn an còrr air a’ chuspair ud! Mar sin, feumaidh gun robh mi sa bhun-sgoil, Clas 6 neo Clas 7, nuair a fhuair Mairead Thatcher agus na Tòraidhean Section 28 (Clause 2a ann an Alba) troimhe ann an 1988. Chan e gun do mhothaich mi aig an àm neo gun do rinn e eadar-dhealachadh mòr sam bith dhomh fhìn, an toiseach co-dhiù, cha chreid mi.


Thogadh mi ann an grunn àitichean eadar-dhealaichte ach bha sinn anns a’ Ghearasdan nuair a bha mi sa bhun-sgoil. Nuair a bhiodh clann ag obair air a chèile, b’ e poof am facal a bu mhiosa a dh’fhaodadh tu toirt air balach eile. Mar sin, bha thu a’ tuigsinn gu math sgiobalta nach robh thu ag iarraidh a bhith mar sin ged nach robh thu, neo nach robh mi fhìn co-dhiù, a’ tuigsinn ceart dè bha e a’ ciallachadh.


Co-dhiù, gheibheadh tu an teachdaireachd sin anns a h-uile h-àite aig an àm chan ann dìreach san sgoil. Bha na pàipearan tric a’ sgaoileadh naidheachd mu dhaoine ainmeil a bhith gèidh gun fhiosta dhaibh agus iad làn cinn-naidheachd gay shame. Nuair a bha pòg eadar dithis fhireannach air an t-siabann Eastenders ann an 1989 seo mar a thòisich Piers Morgan artaigil anns a’ phàipear The Sun: 'Furious MPs last night demanded a ban on Eastenders after the BBC soap showed two gay men kissing full on the lips. The homosexual love scene between yuppie poofs Colin and Guido was screened in the early evening when millions of children were watching. Tory Terry Dicks stormed, ‘It is absolutely disgraceful that this revolting scene went out at 7.30 pm, showing these perverted practices’.


Mar a thachras, dh’iarr Piers Morgan leisgeul air daoine air Twitter airson sin san Fhaoilleach am bliadhna, 2020, ag ràdh: 'I’m ashamed of some of the inappropriate language I used in The Sun thirty years ago about gay stars. They were different times, but that’s no excuse - it was offensive, it was wrong, and I apologise for it.'


Nach iomadh rud a chì an duine cam a bhios fada beò! Ach b’ e sin an seòrsa rud a chluinneadh tu tric is minig sna 1980an agus 1990an, gur e gnothach gu tur ceàrr salach drabastach a bh’ ann a bhith a’ faicinn dithis fhireannach a’ pògadh; cùis-nàire nan robh perverted poofs a’ pògadh. Bha eagal mu HIV/Aids an cois sin uile cuideachd. Ach is beag an t-iongnadh gun robh, agus gu bheil fhathast, fireannaich gèidh fada fada nas buailtiche làmh a chur nam beathannan fhìn agus nas buailtiche a bhith a’ fulang le trom-inntinn.


Tron àrd-sgoil (bha mi ann an àrd-sgoiltean sa Ghearasdan, ann an Cill Rìmhinn agus ann an Inbhir Nis), mas math mo chuimhne, cha deach daoine LGBT ainmeachadh idir idir uair sam bith am broinn seòmar-teagaisg anns an robh mi fhìn nam bhalach. Air sgàth, tha fhios, gun robh luchd-teagaisg a’ creidsinn gum faodadh iad an obraichean a chall airson fiù ’s an cuspair ainmeachadh, eagal is gun canadh duine gun robh iad ri ‘brosnachadh.’ Tha e cho gòrach gun toireadh e ort a bhith a’ gaireachdainn mura b’ e gun robh e cho cunnartach: ma b’ fhìor gun robh rud sam bith a chanadh tidsear sgoile a’ dol a bhith mar bhrosnachadh dhut a bhith gèidh! Ach leis gun robh Section 28 ag adhbhrachadh eagal am measg luchd-teagaisg mu bhith fiù a’ bruidhinn air, bha e mar bhacadh dhaibh bho bhith a’ cuideachadh nam biodh a’ chlann eile ag obair air pàiste le cainnt den t-seòrsa sin, poof agus nas miosa. Rinn sin cron air daoine as aithne dhomh agus phiobraich e beachd gun robh an cuspair fhèin agus daoine gèidh uile nan cunnart do chloinn. Beachd air leth puinnseanta nach do dh’fhalbh uile gu lèir fhathast.


Bha mi fhìn nam oileanach ann an Glaschu bho aois ochd bliadhna deug mus robh mi fhìn cofhurtail neo làidir gu leòr innse do dhaoine eile nach robh mi fhìn ‘dìreach’. Thug e ùine mhòr dhomh sna bliadhnaichean sin an-còmhnaidh co-dhùnadh a dhèanamh an robh e ciallach innse nuair a choinnichinn ri neach ùr, air neo an robh e na b’ fheàrr mo bheul a chumail dùinte. An gabhadh an neach sin blas a’ chrogain dhìot nan innseadh tu dhaibh? An robh e na b’ fheàrr dhut a thaobh obraichean is eile san àm ri teachd dhol às àicheadh cha mhòr uile gu lèir gun robh beatha phearsanta agad idir? Tha e toirt orm osna throm a dhèanamh an-diugh smaoineachadh air ais air an ùine agus an neart a chosg mi a’ gabhail dragh mu dhèidhinn sin. Nì sin cron ort, a’ mhì-chinnt agus an teagamh sin. Chan eil mi a’ sireadh truas bho dhuine ann a bhith sgrìobhadh sin idir. Neo ag iarraidh dealbh ro dhubhach a pheantadh. A dh’aindeoin a h-uile càil ’s ann a tha mi taingeil toilichte agus a’ faireachdainn fortanach gu bheil mi gèidh, seadh fortanach. Ach thug e greis sin an t-àite sin a ruighinn, rathad cam, mar gum b’ eadh!


Nuair a dh’fhàg mi an t-oilthigh chuir mi a-steach air trèanadh a dhèanamh a bhith nam thidsear bun-sgoile agus dòchas agam a dhol a-steach gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Dìreach mun àm a bha mi a’ cur a-steach gu trèanadh-teagaisg bha an duine beairteach sin Brian Souter air fortan, millean not tha e coltach, a chur a-steach dhan iomairt ‘Keep the Clause’ ann an Alba. Bidh mi fhathast a’ clisgeadh chun an latha an-diugh ma chì mi bus Stagecoach neo Megabus leis gur ann aig Souter a bha iad sin. Rinn iomairt ‘Keep the Clause’ aig Souter reifreann nàiseanta ann an Alba. Tha cuimhne agam a’ bhileag aca tighinn tron doras agam sa phost agus a bhith a’ faireachdainn gu math ìosal tro chèile mu dhèidhinn: gun robh litir a’ dol a-steach gu gach dachaigh ann an Alba, an dachaigh agam fhìn nam measg, a’ feuchainn ri toirt air daoine aontachadh ri Souter is a leithid gun robh daoine coltach riumsa ceàrr, fiù ’s cunnartach. Chuir iad suas billboards is eile. Bidh cuimhne agam gu bràth a dhol a Cholaiste Cnoc Iordain ann an Glaschu airson agallamh is àite air a’ chùrsa teagaisg, air bus a chaidh seachad air billboards mòra aibheiseach air feadh Ghlaschu, a bha a’ nochdadh briathran ‘Father of Two, Glasgow’, a bha a-mach air ‘the protection of my children’ ann an oidhirp Section 28 / Clause 2a aig Mairead Thatcher a chumail ann an Alba. Protection? Bho mo leithid-sa? Thug sin buaidh orm gun teagamh sam bith ach chan ann chun na h-ìre gun tug e orm mo chùrsa a stiùireadh a dh’ionnsaigh dreuchd eile neo dad mar sin. Bha mi riamh fada nam cheann fhìn agus ged a bhiodh a leithid gad ghoirteachadh bha thu a’ dèanamh do dhìcheall, nan d’ rachadh agad air, d’ inntinn fhèin a dhìon bhon iomagain sin.


Co-dhiù, chuir Pàrlamaid na h-Alba a bha fhathast ùr aig an àm, às dhan lagh sin ann an Alba dìreach mus do thòisich mi aig a’ cholaiste-teagaisg ann an 2000. Thug sin dòchas agus misneachd air choreigin dhomh gun robh gnothaichean ag atharrachadh beag air bheag. Ach bha e uile ro ùr, cha robh iad air cur às dhan lagh ach bho chionn ghoirid nuair a thòisich mi a’ teagasg agus air sgàth sin bha leisg orm a bhith ro fhosgailte mu dhèidhinn le tidsearan eile aig an àm. Bha an fheadhainn bheaga agamsa mar bu trice sna bliadhnaichean a chuir mi seachad sna sgoiltean agus mar sin cha robh an cuspair a’ togail ceann san t-seòmar-clas. Chòrd e rium glan a bhith sna bun-sgoiltean, bidh mi fhathast ag ionndrainn aig amannan cho sunndach spòrsail is a bha teagasg-sgoile. ’S e obair chruaidh a th’ ann ge-ta - mo bheannachd air na tidsearan!


Tha e na chùis-iongnaidh dhomhsa gu pearsanta gun do dh’atharraich beachdan, laghan agus ìomhaigh sna meadhanan do dhaoine LGDT cho mòr san dùthaich seo ann an ùine cho goirid. Ach chan ann gun strì mhòr, saothair mhòr agus fulang air leth mòr bho chuid a thàinig an t-atharrachadh sin. Cha dèanar buannachd gun chall na cois ach, nach goirt an call sin fad ghinealachdan. Agus feumar a bhith faiceallach nach fhàs sinn ro shomalta neo idir monaiseach mun chùis. Tha sinn air faicinn sna Stàitean is ann an dùthchannan eile bho chionn ghoirid nach eil còirichean airson daoine gèidh daonnan cho buan is a dh’iarramaid. Ach bhiodh e doirbh gun a bhith a’ gabhail beachd air an atharrachadh bho bha mi fhìn sa bhun-sgoil. Nach ann air Alba a thàinig an dà latha! Bha eagal air tidsearan suas chun na bliadhna 2000 am facal 'gèidh' a ràdh am broinn sgoil ann an Alba, eagal is gun robh sin ga mheas mar ‘bhrosnachadh’. Dìreach fichead bliadhna an dèidh sin, tha Riaghaltas na h-Alba agus Foghlam Alba air thoiseach air iomadh dùthaich eile ann a bhith a’ teagasg eachdraidh LGDT agus ann a bhith ag iarraidh air sgoiltean faighneachd dhaibh fhèin mar as fheàrr as urrainn dhaibh slàinte sunnd agus co-ionannachd sgoilearan LGDT agus sgoilearan bho theaghlaichean LGBT a bhrosnachadh! Buail mise agus buailidh tu an t-eilean, mar a chanans an seanfhacal agus mar sin tha an t-adhartas sin na fhìor dheagh naidheachd airson slàinte agus sunnd gach duine againn, LGDT ann neo às.

179 views0 comments

Recent Posts

See All
bottom of page